(2.) Tha mothachadh ro dhomhain aca de chudthrom nan gnothuichean so. Tha gach uile dhuine coimh-ionann feumach air gràdh Dhé agus air maitheanas peacaidh. Ach gidheadh tha sinn a’ faicinn a’ chuid mhòr de dhaoinibh cho baighalta as nach toir iad ach ro bheag aire do na nithibh so. Cha-n ‘eil aon chuid ciont peacaidh, no farg Dhé, no bàs, no ifrinn, a’ cur cùraim sam bith orra. Ach aig anamaibh gràsmhor tha mothachadh beò do chudthrom nan nithe spioradail; agus sin do bhrìgh,—
-
Gu bheil solus slàinteil agus spioradail aca, anns am bheil iad comasach air a bhi breithneachadh fior nàduir a’ pheacaidh agus uamhais an Tighearna: oir, anns a’ chor a tha nis r’ar n-aghaidh, ged a chaill iad solus comhfhurtail an Spioraid, gidheadh cha-n ‘eil iad gu bràth a’ call soluis naomhachaidh an Spioraid, an solus sin trid am bheil iad comasach air nithibh spioradail a brheithneachadh air mhodh spioradail; cha-n ‘eil so gu bràth ‘gam fàgail gu tur. Anns an t-solus so tha iad a’ faicinn gu bheil am peacadh “ro pheacach,” Rom. vii 13. Le so is aithne dhoibh “uamhas an Tighearna,” 2 Cor. v. II; agus gur “ni eagalach tuiteam ann an làmhaibh an Dé bheò,” Eabh. x. 31. Anns an t-solus so tha iad a’ faicinn òirdheirceis gràidh Dhé ann an Criosd, a chaidh thart gach uile eòlas, ged a tha iad a nis gun mhothachadh sòlasach aca dheth. Le so tha iad air an teagasg a bhi ‘cur meas air uile thoraiddhibh bàis Chriosd, ged a tha mòran dhiubh a nis nach urrainn iad a bhi ‘mealtuinn. Tha iad so uile, ma seadh, agus nithe eile de’n nàdur cheudna a’ toirt beò-mhothachaidh dhoibh de chudthrom an gnothuichean spioradail.
-
Tha cuimhne aca air na chost e dhoibh roimhe gnothuch a dheanamh ri Dia timchioll peaciadh; agus uime sin tha fios aca nach e gnothuch eutrom a tha air an làmhaibh. Feumaidh iad tòiseachadh air an t-seann obair a ris, agus an seann chupan a ghlacadh a ris ‘nan làmhaibh. Tha aiseag anama o dhoimhneachdaibh cosmhuil ri dara iompachadh. Tha e gu tric a’ mothachadh mar gu’m bitheadh e ‘dol troimh ‘n iomlan de’n obair a ris. Agus tha cuimhne aige air cia cho làn uamhuinn, agus eagail, agus trioblaid, as a bha i, air chor as gu bheil a dheuchainnean nuadha a’ toirt criothnachaidh air. Agus a ris,—
-
Tha an Spiorad Naomh a’ toirt mothachaidh as ùr a dh’ anamaibh bochda de chudthrom nan gnothuichean so, chum gu’m bitheadh iad air an cur thuige ann an cur aghaidh dhùrachdaich air Dia annta. Is e ‘obair-san a th’ anns an iomlan, agus tha e ‘ga toirt air a h-aghaidh le meadhonaibh a tha freagarrach air son a bhi ‘coimhlionadh na criche sin a tha ‘na rùn; agus leis na meadhonaibh sin tha anam gràsmhor air a thoirt chum an t-suidheachaidh a dh’ ainmicheadh. A nis, tha iomadh ni fa leth a’ comhchuideachadh a chéile mar aobhar an t-suidheachaidh sin:—
Anns a’ cheud àir,— Tha smuaintean iomguineach a ghnàth anns an anam timchioll a’ choir thruaighe anns am bheil a dhoimhneachdan a nis air a chur.
Air do gheurmhothachadh a bhi aige d’ a chor, tha e ghnàth ‘na smuaintean, tha ‘inntinn a’ luidh air gun tàmh. Is amhuil a tha Daibhidh a’ cur an céill d’ a thaobh féin, “Shàthadh do shaighdean annam, agus tha do làmh trom orm. Cha-n ‘eil fallaineachd a’ m’ fheòil air son d’fheirge,” Salm xxxviii. 2-6. Tha mi-shuaimhneas, agus an-shocair, agus dubhachais anama, air am faotainn anns a’ chor so. Tha Dia air a bhrosnachadh, tha am bàs dlùth do làimh, tha saorsa fada uaithe, agus uime tha dorchas ag ladhadh. “Chaill mi mo shìth,” deir e, “agus m’ aoibhneas, caithream mo chiùil anns an oidhche. Ciod a their mi mu m’ dhleasdanais? Am feud dithis imeachd le chéile mur bi iad réidh? Am feud mi nis imeachd maille ri Dia annta, agus gu’n d’ rinn mi dhomh féin mo nàmhaid dheth? Ciod a their mi ri ðrduighibh a thighe? An tairbhe dhomh-sa bhi ann an Ierusalem, mur faic mi gnùis an Rìgh? am bheil mo shòlas fo fhrithealadh ðrduighean, gun Rìgh nan naomh teachd annta ‘nam chòdhail? Nach maith a dh’ fheudar leam eagal a ghabhail gu’n dean an Tighearn a Spiorad Naomh a bhuntuinn uam gus am fàgar mi ‘nam thruaghan gun leigheas?” Le an samhuil so de smuaintibh, ma seadh, tha an t-anam sin air a luasgadh a tha fo iomguin peacaidh.
Anns an dara àit,—Tha sinn a’ faicinn gun bheil am meadhon féin trid am bheil iad a’ cur aghaidh air a’ coimhseasamh ann an ùrnuigh a’ chriedimh, no glaodhaich ri Dia.
A nis, tha so deanta le dlan-dhùrachd inntinn; aig am bheil toradh dà-fhillte,—Air tùs, Liosdachd; agus, a ris, Seasmhachd.
Tha e air innseadh dhuinn mu ar Slànuighear beannaichte, ‘nuair a bha e ‘na dhoimhneachdaibh féin timchioll pheacaidhean a shluaigh, gu’n d’ rinn e “urnuighean agus athchuingean, maille ri h-àrd-éighich agus deuraibh, ìobradh suas,” Eabh. v. 7. Tha “àrd-èighich agus deuraibh” a’ cur an céill an dlan-dhùrachd spioraid a’s ro mhò. Agus tha Daibhidh ‘ga ainmeachadh le bhi “bùireadh,” mar a nochdadh roimhe; agus mar an ceudna le “osnaich agus plogartaich.” Tha an t-anam anns a’ chor so a’ luidh sios fa chomhair an Tighearna le osnaich, agus caoidh, agus glaodhaich, agus deuraibh, agus bùireadh, a réir oibreachaidh eugsamhuil a chridhe, agus cudthruim nan nithe sin ‘na shùilibh a tha aige r’a dheanamh; agus tha so a’ toirt cleachdaidh,—
Air tùs,—Do liosdachd.
Rinn ar Slànuighear a thaisbeanadh air dhòigh iongantach an cumhachd a th’ ann an liosdachd a’ chreidimh, Lucas xi. 5-10, agus mar an ceudna, caib. xviii. 1. Tha an ùrnuigh liosda gun teagamh ‘na h-ùrnuigh bhuadhaich; agus tha an liosdachd féin, mar gu’m b’ ann, a’ coimh-sheasamh anns an dà ni so,—a bhi gu tric ag asluchadh agus a bhi ‘cleachdadh iomadh gnè thagraidhean. Thig fear na liosdachd thugad seachd uairean ‘s an aon là air a’ ghnothuch cheudna: agus ‘na dhéigh so uile, ma thig càis-thagraidh as ùr ri aghaidh inntinn, pillidh e a rìs, ged a rùnaicheadh e roimh sin gun tighinn tuilleadh. Is amhul sinn anns a’ chùis so. Bithidh daoine ri asluchadh tric agus a’ cleachdadh iomadh gnè thagraidhean. Theid na h-anama so a dh’ ionnsuidh Dhé; ach cha-n ‘eil iad riarachta leis na rinn iad, agus theid iad ann a rìs; gidheadh cha d’ rinneadh an cridhe falamh fathast, agus theid iad ann a ris, ionnus nach toir iad fois dha.