Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1978 » November 1978 » An Treas Rann

An Treas Rann

“Ma chomharaicheas tusa, a Thighearna.” Ann an so tha e anns a’ cheud chainnt a’ gnàthachadh aoin eile a dh’ ainmibh Dhé, eadhon Iah; — ainm nach ‘eil tric air a ghnàthachadh ach ann an rathad a bhi cur an céill mòrachd uamhasaich Dhé: “Tha e ‘marcachd air na nèamhaibh le ‘ainm Iah,” Salm lxxviii 4. Tha ghnothuch a nis ri Dia timchioll cionta peacaidh; agus tha e air a thaisbeanadh do’n anam mar Dhia mòr agus uamhasach, chum gu’m bitheadh fios aige ciod ris am feudadh e sùil a bhi, nam b’ e ‘s gu’n rachadh a chùis air dheuchainn a réir droch thoillteanais a’ pheacaidh.

Ciod, ma seadh, a tha e ‘g ràdh? “Ma chomharaicheas tusa aungidheachd.” Tha am focal “comharachadh” ann an so a’ ciallachadh, a bhi toirt an aire agus a bhi ‘gleidheadh mar ann an deadh thaisgeach; a’ bhi toirt fainear, ionnus gu’m bitheadh an ni a tha air a thoirt fainear air a ghleidheadh agus air a thaisgeadh anns a’ chridhe.

Is e ‘th’ air a chiallachadh ann an so, ma seadh, le bhi ‘comharachadh aingidheachd, Dia a bhi ‘gan toirt fainear ionnus gu’n deanadh e an gleidheadh chum peanais agus dioghlais.

Cha-n ‘eil aobhar dhuinn a bhi ‘nochdadh gu bheil Dia a’ comharachadh uile pheacaidhean nan uile dhaoine ann au rathad a bhi ‘gam faicinn. Tha seadh dà-fhillte anns an bheil Dia a’ comharachadh pheacaidhean, nach urrainn a bhi air ‘àicheadh a thaobh pheacaidhean sam bith, ann am muintir, sam bith. Tha an ceud seadh nadurra, a’ coimh-sheasamh ann anuil-fhiosrachd Dhé, d’ am bheil na h-uile nithe fosgailte agus lomnochd. Tha an dara seadh modhannail, ann a bhi mi-thoilichte leis gach uile pheacadh; ni a tha neo-sgaraichte o nàdur Dhé do bhrigh a naomhachd. Agus tha so air a chur an céill ann am binn an lagha, agus sin air dhòigh coimh-ionann do na h-uile dhaoinibh anns an t-saoghal. Ach is e an comharachadh a th’ air a chiallachadh ann an so, eadhon sin a tha deanta fa rùn smachdachaidh agus peanais, a réir riaghailte dhìrich an lagha. Cha-n e mhain gu bheil binn an lagha air ‘fhilleadh ann, ach mar an ceudna toil a bhi ‘deanamh peanais a réir sin. “Ma ni thusa,” deir an salmadair, “an Dia mòr agus uamhasach, peacaidhean a chomharachadh, ann an rathad a bhi ‘g iocadh do pheacaich a thig thugad a réir cruais agus agartais do lagh’ naoimh;” — ciod an sin? “Cò a sheasas?” is e sin, cha seas neach sam bith. Cha seas duine anns an t saoghal ris an deuchainn. Air an dòigh so is éigin do na h-uile dhaoine bàsachadh, agus sin gu siorruidh. Tha toillteanas a’ pheacaidh ag agairt so, agus mar an ceudna mallachadh an lagha, ni a’s e riaghailt comharachaidh so a’ pheacaidh. Agus tha dòigh-labhairt ro chomharaichte anns a’ cheisd, a tha ‘filleadh ann an dòigh anns an bheil an comh-chùnadh air a tharruing. “Cò a sheasas?” Tha tuilleadh ann an so na bhi ‘g ràdh, “Cha seas neach sam bith an deuchainn, agus cha teid e as gun sgrios shiorruidh;” oir tha farsuinneachd choitchionn anns a’ cheisd; cha-n e, “Cionnus a sheasas mise?” ach, “Cò a sheasas?” ‘Nuair a tha an Spiorad Naomh a’ cur an céill cho cinnteach agus cho uamhasach as a tha sgrios nan aingidh, tha e ‘gnàthachadh an dòigh-labhairt cheudna, anns am bheil brigh ni’s ro chudthromaich air a thaisbeanadh a dh’ inntinnibh dhaoine na ‘s urrainn briathran sam bith eile a chur an céill: 1 Phead. iv 17, “Ciod a’s crìoch dhoibh-san a tha eas-umhal do shoisgeul Dhé?” agus rann 18, “C’ait an taisbein an duine mi-dhiadhaidh agus am peacach e fein?” Is amhuil sin ann an so, “Cò a sheasas?” Tha na briathran a’ taisbeanadh air dhòigh ro shoilleir do’n inntinn nach ‘eil ach sgrios eagalach a feitheamh orra-san ris an dean Dia gnothuch ann an rathad a bhi ‘comharachadh an aingidheachd. Faic Salm i. 5.

‘Nuair a tha an salmadair, ma seadh, a’ tighinn a dheanamh gnothuich ri Dia timchioll peacaidh, tha e ‘leagadh sios, anns a’ cheud àit, ann an rathad coitchionn, mar a dh’ fheumas cùisean crìochnachadh, cha-n e mhain d’a thaobh fein, ach a thaobh an t-saoghal uile, ma’s e’s gu’n dean Dia an aingidheachd a chomharachadh: “Cha-n e so mo chor-sa a mhain; ach mar an ceudna cor a’ chinne-dhaoine uile. Cha-n ‘eil ann ach an t-aon ni dhoibh am bheil an ciont coimh-ionann ri mo chiont-sa no nach ‘eil; ciontach tha iad uile, agus bàsachadh feumaidh iad uile. Nach mò gu mòr na sin mise aig am bheil mo chiont cho an-tromaichte!” Ann an so, ma seadh, tha e ‘leagadh sios cùis-thagraidh ro chudthromach ‘na aghaidh fein, ma’s e’s gu’n dean Dia da rireadh a pheacadh a chomharachadh: “Mur eil e ‘an comas do’n anam a’s naoimhe, agus a’s iriosaile, agus a’s creidiche, an deuchainn so a sheasamh; nach ro lugha na sin a sheasas mise, ceann-feadhna nam peacach, an ti a’s lugha am measg nan naomh uile, a tha teachd gearr orra uile ann an naomhachd ann an tomhas do-labhairt, agus a thug barrachd orra uile air a’ mhodh cheudna anns a’ pheacadh!”

Is e so, ma seadh, brigh agus seadh nam briathran. Thugamaid a nis fainear mar a tha iad a’ cur an céill chleachdaidhean an anama sin aig am bheil a chor air a thaisbeanadh dhuinn ann an so, agus mar an ceudna an teagasg a tha r’a fhaotainn annta, dhoibh-san a tha air tuiteam anns a’ chor cheudna.

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice