Chuireadh an céill a cheana ciod iad na doimhneachdan anns an robh an salmadair air tuiteam; rinn sinn a nochdadh mar an ceudna mar a chuir e roimhe aghaidh a chur air Dia a mhain annta chum saorsa agus fuasglaidh fhaotainn, maille ris an dùrachd cridhe a tha e ‘gnàthachadh gu coitchionn ann a bhi ‘deanamh sin. Uime sin, ann an cur aghaidh mar so air Dia anns an t-suidheachadh sin, agus leis an rùn dhùrachdach sin, is e an ceud ni a tha e ‘comharachadh air dhòig àraidh ro mheud a pheacaidh agus a chionta a réir riaghailte an lagha. Tha e, uime sin, r’a thuigsinn,—
Anns a’ cheud ait, ‘Nuair a tha anam fo imcheist peacaidh a’ cur aghaidh air Dia, gur e an ceud ni a tha ‘ga thaisbeanadh féin dha Dia a bhi ‘comharachadh aingidheachd a réir riaghailte an logha.
Tha a’ chùis coimh-ionann anns a’ ghnothuch so a thaobh nan uile pheacach, an dà chuid roimh an iompachadh agus ann an tuislidhean peacach ‘na dhéigh sin. Tha cosmhuileachd eadar iompachadh o staid peacaidh agus ath-thogail o thuisleadh peacaidh. Tha iad maraon air an oibreachadh leis na meadhonaibh agus anns na dòighibh ceudna, agus tha a’ bhuaiddh cheudna aca air anamaibh pheacach, ged a tha iad ag eadar-dhealachadh ann an iomadh ni, air nach ‘eil sinn a nis gu bhi ‘labhairt. Uime sin, feudar na bhitheas air a labhairt fo’n cheann so a chomh-chur ris an dà shuidheachadh so,—riu-san a tha fathast neo-iompaichte, agus ris a mhuiintir a tha da rireadh air an saoradh o’n staid sin; ach air mhodh àraidh ris an dream do nach aithne cò an staid dhiubh so anns am bheil iad, is e sin, do gach uile anam chiontach. Cuiridh an lagh a thagradh air chois d’ an taobh uile. Dtidh e am peacadh, agus ni e na’s urrainn e an aghaidh a’ pheacaich. Cha ghabh e cur a thaoibh; feumaidh e freagradh cothromach ‘fhaotainn, air neo buadhaichidh e. Tha an lagh a’ sàradh an anama air son nam fiachan; agus is dìomhain a ràdh ris a’ mhaor, “Gabh romhad,” no “Leig air mo chomas mi.” Mur bi na fiachan air an dìoladh, agus còrdadh air a dheanamh, cha d’ fhàgadh do’n anam ach a dhruideadh anns a’ phriosan. “Tha mo ghnothuch a nis ri Dia,” deir an t-anam, “tha e mòr agus uamhasach, ‘na fhear-comharachaidh peacaidh, agus ciod idir a their mi ris?” Tha so a’ toirt criothnachaidh air, ionnus u bheil e ‘glaodhaich “A Thighearna, co a sheasas?” Agus uath so tha r’a thuigsinn,—
Anns an dara àit, Gu bheil smuaintean suidhichte timchioll Dia a bhi ‘comharachadh aingidheachd, a réir riaghailte an lagha ‘na ni a tha lân eagail agus uamhuinn do anam a’ pheacaich.
Ach cha-n e so uile; cha-n éil a smuaintean air an glacadh gu h-iomlan anns an iongnadh so, a’ glaodhaich a mhain, “Cò a sheasas?” Tha na briathran a’ filleadh suas annta aideachaidh threibhdhireach air a pheacadh agus a chionta féin. ‘Nuair a tha e ‘g ainmeachadh toillteanais a’ pheacaiddh, ‘na chor féin, tha e ‘g aideachadh a pheacaiddh féin. Agus mar sin,—
Anns an treas àit, Is e mothachadh agus aideachadh treibhdhireach air peacadh, maille ri féin-dhìteadh ann an rathad a bhi ‘fireanachadh Dhé, ceud chleachdadh àraidh an anama ghrásmhoir ann a bhi ‘g éirigh a nios as a dhoimhneachdaibh.
Tha so uile fillte suas anns na briathraibh. Tha e ‘g aideachadh an dà chuid a chionta féin, agus ceartais Dhé nam buineadh e ris a réir droch-thoillteanais a’ pheacaiddh.
Agus tha na nithe so fillte suas anns na briathraibh air am beachdachadh gu h-iomlan annta féin a mhain. Gidheadh tha cor an anama sin a tha ann an so air a thaisbeanadh ‘gar giùlan ni’s fhaide fathast. Cha-n ‘eil e foiseachadh ann an so, mar a chi sinn ann a bh ‘fosgladh an ath rainn, an ni àraidh a tha ‘nar n-aire anns an iomlan Agus ann an rathad a bhi ‘g éirigh o’n dara aon a dh’ ionnsuidh an aoin eile, chum gu’n leanamaid an rùn coitchionn a leagadh sios o thoiseach, feumaidh sinn am beachd so a leanas a thoirt maille ruinn mar an ceudna:—
Anns a’ cheathramh ait, Ged a tha cleachdadh an fheidh tidh ‘na ulluchadh comharaichte air son foillseachadh a’ mhaithheanais ann an Dia, gidheadh cha-n fheidh an t-anam bochd, àmhgharach, foiseachadh ann no foiseachadh air, ach éirigh suas gu bhi ‘dùnadh ris a’ mhaithheanas féin.
Tha aon fhèirinn choitchionn fathast ‘na luidh anns na briathraibh de’m feud sinn feum a dheanamh mar a theid sinn air ar n-aghaiddh, eadhon,—Gu bheil comharachadh aingidheachd le Dia agus slàinte dhaoinne gu siorruidh an aghaidh a chéile. Tha sinn a’ ciallachadh e ‘bhi ‘ga comharachadh ann am pearsaibh pheacadh air son nan crìochan a dh’ ainmicheadh roimhe.
Bithidh sinn a’ leudachadh air cuid de na nithibh so fathast, mar a dh’-fheudas sin a bhi ‘comh-chuideachadh na h-oibre àraidh a tha measg ar làmhan.