Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1979 » January 1979 » An Treas Rann

An Treas Rann

‘Nuair a tha anam a th’ ann an imcheist peacaidh a’ cur aghaidh air Dia, is e an ceud ni a tha ’ga thaisbeanadh féin dha, Dia a bhi ’eomharachadh peacaidh o réir riaghailte an lagha; ni dheth féin a tha ullamh air a lionadh le h-eagal agus uamhunn.

Labhraidh sinn beagan uime so an toiseach air a bheachd-achadh ann féin, agus an sin bheir sinn fainear gnòthuch an anama sin ann, aig am bheil a chor air a chur an céill ann an so.

Tha an Tighearn a’ labhairt mu chuid, ‘nuair a tha iad a’ cluinnintinn focail a’ mhallachaidh, a tha gidheadh “gam beannachadh féin,” agus ag ràdh, “Bithidh sìth again,” Deut. xxix. 19. Bitheadh daoine a’ searmonachadh agus a’ labhairt mar is àill leo mu uamhas an Tighearna, ni iad tàir air; muintir an aghaidh am bheil Dia a’ bagradh sgrios iomlaim. Agus tha e ’ga chomharachadh a ris mar aingidh-eachd a tha anabarrach, agus mar àirde cruais cridhe, Ier. xxxvi. 24. Ma dh’ innsear do pheacaich timchioll feirge Dhé, agus gu’n tig e a thagradh a chùis féin ’nan aghaidh; cuiridh iad mar is tric ann an neo-shuim e, agus gabhaidh iad rompa mar gu’m b’ urrainn iad gnòthuch a dheanamh ris air bheag dragha. Ach a dh’ aindeoin an calmachd, tha là a’ teachd anns an dean uamhunn an glacadh, ionnus gu’n glaodh iad, “Cò ’nar measg a ghabhas còmhnuidh maille ri teine millteach? cò ’nar measg a ghabhas còmhnuidh maille ri lasraichibh siorruidh?”

Anns an ni so a tha sinn a’ tagradh tha eisimpleir comharaichte againn anns a’ cheud duine a pheacaich, agus aig an robh an ceud aobhar smuaintean imcheisteach a bhi aige timchioll Dia a bhi ’comharachadh aingidheachd, Gen. iii. 8, “Chual e guth an Tighearna Dé;” mar a chual e riomh gun trioblaid no gun bhuaireas spioraid sam bith. Chruthaicheadh e air son comh-chomuinn ri Dia; agus b’e earrann d’a shonas gu’m bitheadh e ‘g éisdeachd a ghutha. Ach a nis a deir e, “Chuala mi do ghuth anns a’ ghàradh, agus bha eagal orm a chionn gu’n robh mi lomnochd, agus dh’ fholach mi mi féin.” Bha fios aige gu’n robh Dia air teachd a ghabhail gnothuich r’ a pheacadh. agus bha smuaintean timchioll a bhi coinneachadh ris do-ghiùlainte dha. Nam b’ urrainn e a dhol sios do chridhe na talmhainn o’n d’ thugadh e air tùs, agus e féin ‘fholach an sin o Dhia, cha-n ‘eil teagamh nach deanadh e sin.

Tha e mar an ceudna soilleir o thabhairt an lagha ‘na dhéigh sin ciod an toradh a th’ air a ghiùlain le bhi ‘beachdachadh air Dia mar a tha e ‘gabhail gnotheruich ri peacaich a réir riaghailte an lagha: Faic Ecsod. xx. 18, 19. Tha tàirneanaich agus dealanaich fathast ‘na chomh-chuideachd, mar o shean; agus cha-n fhàilnich e ann a bhi taisbeanadh uamhais an Tighearna do’n anam chiontach.

Dh’ fheudamaid eisimpleirean fhaotainn am measg nan naomh féin gu bhi ‘nochdadh gu’m b’ ann mar so a fhuairadh leò-san e. Tha suidheachadh Iob, agus Dhaibhidh, agus Hemain aithnichte. Cha dean sinn a thoirt fainear ach ann an Criosd féin. Cha robh aobhar riamh aige uath féin air aon smuain an-shocrach a bhi aige, air bhi dha naomh, agus neo-lochdach, agus neo-thruaillidh. Rinn e gach uile fhreantachd a choimblionadh, anns na h-uile nithe b’ e ‘bhiadh agus a dheoch toil ‘Athar a dheanamh, agus bha còmhnuidh aige a ghnàth ‘na ghràdh. Agus cha b’ urrainn so a bhi gun an t-sith a’s ro àirde agus an t-aoibhneas a’s ro bheannaichte ‘na chomh-chuideachd. Ann an dearbh thòiseachadh a dheuchainnean, bha làn dearbh-chìnnnte aige gu’n ruigeadh e croich bhuadhach: mar a dh’ fheudar ‘fhaicinn, Isa. 1. 7-9. Gidheadh ‘nuair a bha ‘anam air a chleachdadh le smaintibh timchioll Dia a bhi ‘comharachadh ar n-aingidheachdan air, bha e “ro bhrònach, eadhon gu bàs;” bha e “fo uamhunn agus anabarra bròin,” Marcus xiv. 33, 34. Tha cruaidh-ghleachd ‘anama, agus ‘shallus fùilteach, agus ‘athchuingean maille ri h-àrd-éighich, ‘nuair a ghuidh e a rìs agus a rìs, “Ma dh’ fheudas e bhi, rachadh an cùpan so seachad orm;” agus a ghlaodh dheireanach, “Mo Dhia, mo Dhia, c’ar son a thréig thu mil” — tha so uile, tha sinn ag ràdh, a nochdadh ciod am breithneachadh a bha aige de Dhia a bhi ‘comharach adh aingidheachd. Is maith a dh’ fheudas peacaich bhochda glaodhaich, “A Thighearna, co a sheasas?” ‘nuair a chriothnaich Mac Dhé féin cho mòr fuidhe.

Ann an smuaintibh suidhichte timchioll Dia a bhi ‘comharachadh peacaidh, tha e air a thaisbeanadh do’n anam fo na buadhaibh glòrmhor agus eagalach sin uile a tha ullamh air eagal agus uamhunn a mhosgladh ann an cridheachaibh pheacach, ‘nuair nach ‘eil saorsa sam bith aca o gheallaidhibh a’ choimhcheangail ann an Criosd. Tha an t-anam ag amharc air mar Fhear-tabhairt an lagha, Seamas iv. 12, — a tha comasach air gach briseadh a dhìoladh, le corp agus anam a mhilleadh ann an teine ifrinn; tha e ‘faicinn gur Dia e a tha glòrmhor ann an naomhachd, aig am bheil a shùilean ni’s gloine na gu’n urrainn e amharc air olc; gu bheil e uamhasach ann am mòrachd agus ann an cumhachd, an Dia beò, neach gur eagalach an ni tuiteam ‘na làmhaibh, agus maille ris am bheil ceartas dioghaltach, ag ràdh, “Is leam-sa an dioghaltas, agus bheir mi dloladh uam,” Eabh. x. 30. A nis, ‘nuair a tha an t-anam a’ beachdachadh air Dia, air a sgeadachadh leis gach òirdheirceas eagalach agus uamhasach dhiubh do, agus a teachd a ghabhail gnothuich ri peacaich a réir riaghailte a lagh’ theinteich féin, cha-n urrainn e gun ghlaodhaich a mach, mar a rinn Maois, “Tha eagal ro mhòr agus crith orm.”

Bheir na nithe so inntinnean pheacach a dh’ ionnsuidh a’ chomh-dhùnaidh a dh’ ainmicheadh roimhe, eadhon, ma’s e’s gu’n comharaich Dia aingidheachd a réir riaghailte an lagha, gu bheil slàinte dhaoinne gu h-iomlan mi-chomasach; comh-dhùnadh a bheir criothnachadh air anam sam bith a tha air a chromadh sios fo mhothachadh a chionta féin.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice