Tha trí nithe anns a’ chor so a tha sinn a’ cur as leth an anama so:—
Anns a’ CHEUD àit, Mothachadh treibhdhireach peacaidh. Tha mothachadh dà-fhillte peacaidh ann. An ceud aon a réir aideachaidh choitchinn, trid am bheil fios aig duine gu coitchionn ciod ris an abair e peacadh, agus gur peacach e féin. Tha an dara aon gniomhach agus éifeachdach. Air do’n anam eòlas a bhi aige air nàdur a’ pheacaidh, agus air a chiont féin, tha buaidh coimh-fhreagarrach aige air a chridhe agus air a ghiùlan.
Tha eisimpleir againn d’ an taobh maraon ann an aon duine. Bha an ceud mothachadh coitchionn aig Daibhidh mu’n d’ thàinig Natan thuige; bha an dara mothachadh aige an déigh dha tighinn. Gidheadh cha robh buaidh sam bith aig a’ mhothachadh choitchionn so air a chridhe coimh-fhreagarrach ris a’ chor anns an robh e. Ach a nis, air do’n fhàidh teachd d’a ionnsuidh, agus an dara mothachadh éifeachdach a thoirt da, tha fios againn ciod na toraidhean a rinn e ‘ghiùlain.
Is e am mothachadh éifeachdach so a mhain, ma seadh, air am bheil sinn a’ labhairt; agus tha so féin dà-fhillte:—1. Sin a tha o’n lagh, no roimh iompachadh dhaoinne; 2. Sin a tha o’n t-soisgeul, agus a tha ‘dol air
thoiseach air an t-saorsa sin o dhoimhneachdaibh air am bheil sinn a’ labhairt.
A nis, a thaobh sin a tha o’n t-soisgeul, a tha sinn ag ainmeachadh mar cheud dhleasdanas agus mar cheud chleachdadh an anama ann am pilleadh a dh’ ionnsuidh Dhé, is mothachadh domhain, gniomhach a ta ann, air oibreachadh ann an inntinn agus ann an cridhe a’ pheacaich chreidich leis an Spiorad Naomh, agus sin de’n pheacadh agus de na h-uilc a tha ann, an aghaidh lagh agus gràidh Dhé, an aghaidh croinn-cheusaidh agus fola Chriosd, an aghaidh comh-chomuinn agus comhfhurtachd an Spioraid, agus an aghaidh uile thoraidhean gràidh, agus tròcair, agus gràis Dhé de’n d’ rinneadh e ‘na fhear-comhpairt, no ris am bheil sùil aige tre’n t-soisgeul.
-
Is e priomh ùghdair éifeachdach a’ mhothachaidh so an Spiorad Naomh. Is esan a tha ‘toirt “dearbh-shoilleireachd mu pheacadh,” Eoin xvi. 8. Tha e gun amharus tre mheadhonaibh, — dh’ oibrich se ann an Peadar tre amharc Chriosd air, — ach is e ‘obair-san a ta ann; cha-n urrainn duine sam bith ‘oibreachadh air ‘anam féin. Mar nach do chuireadh uisge lochan Betesda troimh a chéile gus an deachaidh an t-aingeal sios, cha mhò a thèid an cridhe troimh a chéile air son peacaidh gun oibreachadh slàinteil an Spioraid Naoimh.
-
Tha e ‘coimh-sheasamh ann am breithneachadh domhain de’n pheacadh agus na h-uilc a ta ann. Cha-n ‘eil smuaintean eutrom, coitchionn a tighinn gu bràth gu ruig a’ mhothachaidh so. “Tha mo dhoilgheas a’ m’ fhanuis a ghnàth,” deir Daibhidh, Salm xxxviii. 17. Bha e ‘gnàth ‘ga theannachadh, agus sin gu ro mhòr. Tha am mothachadh so an sàs ‘na anam ‘na luidh sios agus ‘na éirigh suas. Far nach ‘eil ach smuaintean eutrom uime, le ro bheag gearain agus caoidh, cha-n ‘eil an t-anam coltach ri bhi air slighe pillidh.
-
Tha e gniomhach. Cha-n ‘eil e ‘na luidh anns an inntinn mar bheachd coitchionn a mhain ach tha cleachdadh aige anns an tuigse a tha ‘drùghadh gu h-éifeachdach air an toil agus air na h-aigne; is mothachadh e o’m bheil bròn agus irioslachadh neo-sgaraichte. Tha cleachdaidhean gniomhach na tuigse a ghnàth a’ giùlan mar thoradh cleachaidhean coimh-fhreagarrach riu anns an toil agus anns na h-aigne, ann an rathad gu bheil cuid air comh-dhùnadh gur iad sin da rireadh gniomhara na toile a tha mar is tric air an cur as leth na tuigse. Tha am mothachadh so, ma seadh, anns an inntinn ann an rathad gu bheil an t-anam gu h-iomlan air a thaoisneachadh ann; tha irioslachadh, tha bròn, agus féin-ghràin, beò agus a’ bàsachadh maille ris.
-
Tha ceithir chuspairean ùraidh ann an sealladh an anama fo’n mhothachadh so:—
(1.) Tha e, anns a’ cheud àit, ag amharc ri lagh Dhé. Cha-n urrainn am peacadh a bhi ‘faotainn a dhligh beachdachaidh far nach ‘eil àite féin air a thoirt do’n lagh. Tha an lagh a’ gairm air son a’ pheacaich, agus tha e gu toileach a’ toirt a pheacaidh thairis d’a làimh chum breth a thoirt air leis. Ann an solus an lagha tha e ‘faicinn gu bheil e “anabarrach peacach,” Rom. vii. 13. Tha e ‘ga fhaicinn féin ‘na ghràineileachd agus am peacadh ‘na chunnart. Tha daoine mar is tric a’ luidh sios ‘nan doimhneachdaibh, do bhrigh gu’m b’ àill leò ceud cheum an éirigh a sheachnadh. B’ àill leò fhaotainn a dh’ aon leum o dhoimhneachd an truaighe gu ruig ceum mullaich an sonais. Ach cha-n e so dòigh an Spioraid Naoimh ann a bhi buntuinn ris an anam anns an obair so. Cuiridh e chòmhradh ris an lagh e, bheir e a pheacadh d’a ionnsuidh, chum gu’n cluinn e a bhinn air a toirt a mach. Nam bu mhiann leibh, ma seadh, teachd a dh’ ionnsuidh bhur suaimhneis, na seachnaibh ceud cheum so bhur dol a steach d’a ionnsuidh. Nam bu mhiann leibh gu bràth bhur n-anaman ‘fhaotainn air an fireanachadh tre ghràs, thugaibh fainear bhur peacaidhean fhaotainn air an diteadh tre’n lagh.